More titles to consider

Shopping Cart

itemsitem

Synopsis

Is e clasaig dealbhaichte do chloinn, do dheugairean is inbhich air atharrachadh gu h-ealanta a th ann Ùruisg na Coille Duibhe aig Giglets ann an Gaidhlig. Tha an sgeulachd dìleas don aithris mhìorbhaileach thùsail leis an Seumas Hogg agus cànan a tha a-nis nuadh-aimsireil agus furasta a thuigsinn. Gabhaidh an sgeul a leughadh ann an 15-20 mionaid agus tha i dealbhaichte gu làn-dathach fìor bhrèagha.Tha Giglets ann an Gaidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-èisteachd an latha an-diugh. Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha e glè thric air a sparradh air cùlaibh mòran arrasbacain. Tha luchd-leughaidh an latha an-diugh a strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean agus uaireannan ceudan de bhliadhnaichean. Tha Giglets a briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr clann, deugairean agus inbhich le chèile. Bidh Giglets a foillseachadh sgeulachdan a tha saidhbhir ann an susbaint, ach a dhaindeoin sin lùghdaichte ann am fad is toinnteachd agus le cànan a tha air a dhèanamh freagarrach do luchd-leughaidh òg. Tha Giglets ag amas air eòlas a thoirt do luchd-leughaidh air na sgeulachdan agus na caractaran a tha air an eadar-fhighe le cultar an latha an-diugh. Leughaidh tu leabhar Giglets ann an 15-20 mionaid, agus aig an aon àm cuiridh tu eòlas air clasaig math litreachail. Tha leabhraichean Giglets a cumail grèim air na suidheachaidhean brosnachail, na gnìomhachdan s am fealla-dhà, na caractaran mìorbhaileach agus na seallaidhean as fheàrr bho sgeulachdan a tha air a bhith air am meas gu mòr thar bliadhnaichean. Tha Giglets a cleachdadh modh-obrach a thaobh sgrìobhadh sgriobtaichean deilbhe a tha fìor aithnichte agus ga chur an sàs ann an seann sgeulachdan tùsail gus an tionndadh Giglets de litreachas clasaigeach a chruthachadh. A thuilleadh air an sin, tha gach leabhar dealbhaichte airson togail air na prìomh sheallaidhean bhon aithris gus tarraingeachd na sgeòil a mheudachadh agus cuimhne an neach-leughaidh a thoirt air ais. Thar ùine, tha sinn ag amas air tuilleadh neartachaidh a chur ris leithid beòthalachd airson leasachadh ann an tlachd is foghlam. S e rùn Giglets a bhith ag oideachadh agus a dèanamh dibhearsain le sàr-mhathas. Tha sinn an dòchas leughadh a bhrosnachadh, eòlas air litreachas clasaigeach a sgaoileadh a-mach gu luchd-leughaidh nas fharsainge agus nas nuadh-aimsireile agus ar pàirt a ghabhail ann am feabhasachadh litreachais.

People who read this also enjoyed

Get a 1 year subscription
for / issue

You can read this item using any of the following Kobo apps and devices:

  • DESKTOP
  • eREADERS
  • TABLETS
  • IOS
  • ANDROID
  • BLACKBERRY
  • WINDOWS