More titles to consider

Shopping Cart

You're getting the VIP treatment!

With the purchase of Kobo VIP Membership, you're getting 10% off and 2x Kobo Super Points on eligible items.

itemsitem
See your RECOMMENDATIONS

Synopsis

Is e clasaig dealbhaichte do chloinn, do dheugairean is inbhich air atharrachadh gu h-ealanta a th ann MacBheatha aig Giglets ann an Gaidhlig. Tha an sgeulachd dìleas don aithris mhìorbhaileach thùsail leis an Uilleam Shakespeare agus cànan a tha a-nis nuadh-aimsireil agus furasta a thuigsinn. Gabhaidh an sgeul a leughadh ann an 15-20 mionaid agus tha i dealbhaichte gu làn-dathach fìor bhrèagha.Tha Giglets ann an Gaidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-èisteachd an latha an-diugh. Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha e glè thric air a sparradh air cùlaibh mòran arrasbacain. Tha luchd-leughaidh an latha an-diugh a strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean agus uaireannan ceudan de bhliadhnaichean. Tha Giglets a briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr clann, deugairean agus inbhich le chèile. Bidh Giglets a foillseachadh sgeulachdan a tha saidhbhir ann an susbaint, ach a dhaindeoin sin lùghdaichte ann am fad is toinnteachd agus le cànan a tha air a dhèanamh freagarrach do luchd-leughaidh òg. Tha Giglets ag amas air eòlas a thoirt do luchd-leughaidh air na sgeulachdan agus na caractaran a tha air an eadar-fhighe le cultar an latha an-diugh. Leughaidh tu leabhar Giglets ann an 15-20 mionaid, agus aig an aon àm cuiridh tu eòlas air clasaig math litreachail. Tha leabhraichean Giglets a cumail grèim air na suidheachaidhean brosnachail, na gnìomhachdan s am fealla-dhà, na caractaran mìorbhaileach agus na seallaidhean as fheàrr bho sgeulachdan a tha air a bhith air am meas gu mòr thar bliadhnaichean. Tha Giglets a cleachdadh modh-obrach a thaobh sgrìobhadh sgriobtaichean deilbhe a tha fìor aithnichte agus ga chur an sàs ann an seann sgeulachdan tùsail gus an tionndadh Giglets de litreachas clasaigeach a chruthachadh. A thuilleadh air an sin, tha gach leabhar dealbhaichte airson togail air na prìomh sheallaidhean bhon aithris gus tarraingeachd na sgeòil a mheudachadh agus cuimhne an neach-leughaidh a thoirt air ais. Thar ùine, tha sinn ag amas air tuilleadh neartachaidh a chur ris leithid beòthalachd airson leasachadh ann an tlachd is foghlam. S e rùn Giglets a bhith ag oideachadh agus a dèanamh dibhearsain le sàr-mhathas. Tha sinn an dòchas leughadh a bhrosnachadh, eòlas air litreachas clasaigeach a sgaoileadh a-mach gu luchd-leughaidh nas fharsainge agus nas nuadh-aimsireile agus ar pàirt a ghabhail ann am feabhasachadh litreachais.

Ratings and Reviews

Overall rating

No ratings yet
(0)
5 Stars 4 Stars 3 Stars 2 Stars 1 Stars
0 0 0 0 0

Be the first to rate and review this book!

You've already shared your review for this item. Thanks!

We are currently reviewing your submission. Thanks!

(0)

You can read this item using any of the following Kobo apps and devices:

  • DESKTOP
  • eREADERS
  • TABLETS
  • IOS
  • ANDROID
  • BLACKBERRY
  • WINDOWS